Mìos Eachdraidh nam Ban:Ainmean-àite nam Ban
- manager23201
- Mar 26
- 2 min read
Fañch Bihan-Gallic
Tha iomadh ainm daoine a’ nochdadh ann an ainmeannan-àite na Hearadh, agus mar as trice bidh cuimhne air daoine cò bh’ annta ann an dòigh air choireigin.

Tha Mìos Eachdraidh nam Ban a’ tighinn gu crìoch, agus shaoil mi gun fhiach e aire a thoirt air àitichean air an ainmeachadh air boireannaich. Gu mì-fhortanach, cha robh cothrom agam obair mhòr a dhèanamh anns a’ Cheann a Deas, agus mar sin dheth chan eil fiosrachadh agam ach air Scalpaigh agus an Ceann a Tuath.
Sa chiad dol a-mach tha e gu math soilleir gu bheil fada a bharrachd àitichean air ainmeachadh air fir na air boireannaich. ’S mar sin dheth, ann an Scalpaigh, tha 38 ainmeannan air fir is 19 air mnathan. Anns a’ Cheann a Tuath, ’s e 38 a lorgar cuideachd air fir is 6 air mnathan. Cha bu chòir dhuinn coimeas a dhèanamh eadarra, ge-tà: Thathar a’ fuireach nas dlùithe ann an Scalpaigh, agus mar sin dheth nochdaidh ainmeannan daoine nas trice na feartan eile. ’S fhiach a ràdhainn gur ann air boireannach a tha an àite às motha air a bheil ainm cuideigin: Gleann Màiri Uilleim, eadar an Cliseam agus Stròn Chàrsacleit, an gleann a-mhàin air ainmeachadh air duine (mur a h-eilear a’ gabhail ainmeannan lochlannach a-steach).
Mar as trice, ’s e cuimhneachan air mnathan a bha a’ tàmh no ag obair tric ann an àite àirigh a tha sna h-àitichean sin, mar Càrn Iseabail, Tobar Mairead Ni Mhurchaidh no Loch Àirigh Nighean Uilleim ann an Scalpaigh, agus Geodha Ann Nic Ruairidh no Cadha Ceit Fhionnlaigh sa Cheann a Tuath. Uaireannan, ’s e eachdraidh nas dubhaiche air gnìomhan boirbe a bhios boireannaich a’ fulang fhathast san t-saoghail againne, mar Eilean Nic Nèill Bhàin (Scalpaigh) no Abhainn Catrìona (Tèilisnis), anns an deach mnathan am marbhadh.
’S e eachdraidh nan Eilean a tha sna ainmeannan sin, agus bheir iad criomagan beaga de bheatha dhaoine a bh’ ann romhainn. Agus air a’ mhìos seo, ’s e cuimhneachan a th’ annta gun do chuir mnathan an cuid ann an togail ar dùthaich ceart cho mòr is a rinn fir, ged nach eilear daonnan gan aideachadh mar a bu chòir.

English Summary:
Out of around 1400 placenames in North Harris and Scalpaigh, 25 are named after women, 19 of which are in Scalpaigh, probably due to the density of population and therefore a higher tendency to name places after people. These placenames tell us about women who would have otherwise gone forgotten, mostly acknowledging the places where they lived and worked. Two placenames (Abhainn Catrìona and Eilean Nic Nèill Bhàin) also tell us of the violence some of these women encountered, as both are named after a murder. On a positive note, the biggest land feature named after a person in North Harris is certainly Gleann Màiri Uilleim (at the foot of the Cliseam), the only glen bearing somebody’s name – South Harris having Gleann Uamh nam Ban to confirm that primacy of women in giving names to our glens!
Comments