Plana ùr nan Eilean
- manager23201
- Jun 23
- 2 min read
Fañch Bihan-Gallic
Thàinig sgioba à Riaghaltas na h-Alba chun Tairbeart air an 22mh den Chèitean airson beachdan an t-sluaigh a thrusadh mu Phlana Nàiseanta nan Eilean.

Dh’fhoillsicheadh a’ chiad phlana ann an 2018 mar aideachadh air duilgheadasan fa-leth eileanan na h-Alba agus airson poileasaidhean sònraichte a chur air dòigh sna sgìrean againne. Gu mì-fhortanach, cha robh amasan uamhraidh soilleir ann agus tha a’ chuid as fheàrr – agus an Riaghaltas na measg – den bheachd nach tàinig mòran às.
’S mar sin tha Plana nan Eilean ùr romhpa agus mus tèid iad air adhart le sgrìobhadh dreachd dheth, bu mhath leotha beachdan fhaotainn air na tha a dhìth dona coimhearsnachdan againn. Bha ochdnar de mhuinntir na Hearadh an làthair agus às dèidh do dhream an Riaghaltais an cuid a ràdhainn, nochd ceistean gu leòr mun ghnothach. Bha ceist nach beag ann air cho soilleir is a bhios amasan a’ phlana seo tighinn, agus am bi de dh’airgead ann airson gach beachd a thoirt gu buil. Cheasnaicheadh mun Ghàidhlig agus an obraich sgioba Plana nan Eilean còmhla ri sgioba Bile nan Cànan Albannach, a tha a’ dol tron Phàrlamaid an-dràsta. Tha a’ Bhile gu bhith a’ stèidheachadh “Sgìrean Gàidhlig Sònraichte” airson ar cànan a ghlèidheadh agus a neartachadh sna coimhearsnachdan Gàidhealach. Chan eilear cinnteach ge-tà gu dè buileach a bhios an lùib leithid de sgìrean, ach tha deasbad mòr air a bhith ann le daoine mar Misneachd ag iarraidh àrd amasan agus buidseat fa-leth. Agus a-nis ’s e a’ cheist an toir Plana nan Eilean aire air na sgìrean sin?
Chan e sin ach toiseach a’ ghnothaich, ach mas e gun tig na planaichean sin uile gu buil, feumaidh guth a bhith againne. Bidh co-chomhairleachaidhean fhathast a’ tighinn thugainn agus is mhath dhuinn a bhith an làthair gus dearbhadh gun tèid guthan nan Gàidheal an cluinntinn ann an Taigh an Ròid.
English Summary: The Scottish Government is currently working on renewing the Island Plan, which was first published in 2018 and is now considered not to have met its objectives. Members of the government’s team came to Tarbert to gather thoughts from our community and left with essential questions regarding budget, clarity of targets, and the relationship of this new plan to upcoming Gaelic legislation. Further consultations are to come, and it is hoped that islanders will make their voices heard when it comes to shaping the policies.
Comments