top of page
Search

Almanac: Uamhan na Hearadh

Le Fañch Bihan-Gallic


Tha cruth-tìre nan Eilean làn clachan is creagan, anns a nochdas uamhan tric gu leòr. ’S fhiach mothachadh gu bheil tòrr dhiubh gu math staoin anns na Hearadh. Co-dhiù no co-dheth, chleachd na Hearaich iad nuair a bhathar fhathast a’ coiseachd is ag iomain air feadh nam beanntan, mar a bhios na ballachan-cloiche air am beulaibh a’ sealltainn.




’S e Uamh Uladail an tè as cliùitiche gun teagamh. Chan e dìreach gu bheil i mòr is domhain, ach thathar ag ràdhainn gun tug i fasgadh gu creutairean is daoine sònraichte. Tha seanchas ag innse gu robh biast uabhasach oillteil a’ fuireach innte o chionn fhada an t-saoghail mus deach a marbhadh leis an Dos Mòr. Nas fhaisge oirnn, tha cuid ag ràdhainn gun robh Mac an t-Srònaich fhèin am falach innte fad treiseag. An aon rud a tha cha mhòr cinnteach, ’s e gun robh Dòmhnall Beàrnaraigh, an Troidean, fo choille san uaimh às dèidh Blàr Chùil Lodair. Bha e innte grunn mhìosan mus do dh’fhalbh e a’ tàmh ann an uamh eile: Leabaidh an Aistear, air cladach Gob an Tobha (Ceapabhal).

Tha Uamh a’ Phrionnsa gu math ainmeil am measg nan Scalpach cuideachd. Tha seanchas nan Gàidheal a’ toirt a chreidsinn gun robh am Prionnsa a’ fuireach anns gach uaimh sna h-Eileanan! Tha an uamh caol is domhain, agus chan eil e na iongnadh gu bheil cuid ag ràdhainn gu bheil i a’ falbh cho fada ri Uibhist.

Uamh nam Ban, Uamh Bhiogadail, Uamh Ghreideil... Tha tòrr a bharrachd ann, cuid le naidheachdan, cuid eile às an aonais. Tha fiù ’s buidheann dhiubh ri taobh a chèile aig cas Stròn Uladail – saoil, an robhar gan cleachdadh mar àirigh?


The North Harris Trust, Tigh an Urrais, Tarbert, Isle of Harris HS3 3DB

 

Σχόλια


bottom of page