Seann gheama: Geata na Fèinne
- manager23201
- Sep 1
- 2 min read
Fañch Bihan-Gallic
Bha Seanchas na Fèinne air leth cliùiteach sna ginealaichean a dh’fhalbh, agus tha cuimhne fhathast aig cuid air naidheachdan, seanfhacail, agus seanchas eile mun cuairt air Fionn agus a chuid ghaisgeach.

A thuilleadh air sgeulachdan, bha geamannan aig a’ chloinn sna h-Eileanan ceangailte ris a’ chùis: Clann Dhubhain (no “Àireamh Mhuinntir Fhinn agus Dhubhain” mar a their cuid), An Snaidhm a Chuir Fionn air na Ceithir Coin (nàdar de cat’s cradle, mar a th’ aca sa chànan eile), agus Geata na Fèinne. Bheir sinn an aire air an fhear mu dheireadh ann a’ sheo.
’S e nàdar de thòimhseachan fiodha a th’ ann an Geata na Fèinne. Tha sia pìosan fiodha ann air an snaidheadh gus an urrainnear an cur còmhla airson crois a thogail (fc. an dealbh). Chan eil ach aon dòigh cheart a dhèanamh agus b’ urrainn do chuideigin nach eil eòlach air a’ gheama uairean a thìde a chosg is iad a’ feuchainn air fuasgladh fhaotainn air.
Tha e coltach gur ann an Ùig Leòdhais a bha an geama seo cliùiteach – no fiù ’s nach robh e ann an àite sam bith eile. Bu bhuidhe dhomh gum faca mi fear is mi a’ tadhail air muinntir an àite, aig an robh sàr-chuimhne air an dithis mu dheireadh a bhiodh a’ togail a’ gheama anabarrach inntinneach a tha sin.
Cha robh daoine a’ toirt ealla ris a leithid gu mì-fhortanach, is iad den bheachd nach robh mòran luach ann. Ach gu deimhinne deimhinne, tha luach ann. Tha e a’ sealltainn dhuinn mar a bha beul-aithris is sgeulachdan o linn Oisein fhathast beò sa bheatha làitheil, agus nach b’ e dìreach aithris air sean rudan a bhathar a’ dèanamh, ach spòrs is aoibhneas.
Comments