top of page
Search

Almanac: Na Lusan a dh’itheas feòil

  • manager23201
  • Jul 8, 2024
  • 2 min read

Le Fañch Bihan-Gallic


Bidh a’ mhòinteach làn de na flùraichean beaga as t-samhradh, agus chithear dathan gu leòr ann, gu h-àraidh san Ògmhios agus san Iuchair. Tha dà ghnè annasach a’ nochdadh am measg na lusan as inntinniche sa sgìre, is iad ag ithe fiolanan – cuileagan nam measg, buidheachas dhan Tì! ’S iomadh duine a chreideas gur e rud tropaigeach a tha san nàdar de lus, ach chan e: Fàsaidh iad far a bheil an talamh searbh is far a bheil gainnead de bhiadh dha na lusan. ’S ann le bhith ag ithe feòil a gheibh na lusan sin an stuth a tha a dhìth orra on talamh.


Lus-na-feàrnaich | Bròg-na-cuthaige


Tha bròg-na-cuthaige (no spòg-na-cuthaige, a-rèir cò ris a bhruidhneas sibh) car coltach ri rionnag ghorm is fàsaidh i ann am buidhnean beaga. Thèid biastagan an sàs sna duilleagan tiugha aca, far an tèid an glacadh. Fàsaidh flùr àlainn, purpaidh air bròg-na-cuthaige san Ògmhios, ach cha bhi e ann fada – ’s gann gum faic sibh flùr san Iuchair tuilleadh.

Tha coltas fada nas neònaiche air an dara lus: Lus-na-feàrnaich. Gabhaidh cuid eile ròs-an-t-solais, driùchd a’ mhonaidh, is fada a bharrachd air-san – chan eil fhios agam fhathast gu dè na facail Hearach a th’ air, ach tha mi an dòchas an lorg gun dàil (ma tha fios agaibhse, nach leig sibh fios thugam!). Co-dhiù no co-dheth, tha corragan beaga aca làn de ghlaodh air a thèid biastagan an glacadh. Mar as motha a dh’fheuchas a’ bhiastag teicheadh, ’s ann as motha de na corragan a thèid an stiogadh oirre, gus an tèid a mhùchadh uile gu lèir. Obh obh!


The North Harris Trust, Tigh an Urrais, Tarbert, Isle of Harris HS3 3DB

 

 
 
 

Recent Posts

See All
Monan turbine plans revised after December fire

From North Harris Trust The Monan Wind Company programme to replace their three obsolete two-bladed turbines with new threebladed versions went awry on the evening of December 12, when a fire broke ou

 
 
 

Comments


bottom of page