top of page
Search

Almanac: Crios Chù Chulainn

Le Fañch Bihan-Gallic


Aig an àm seo den bhliadhna, bidh oir an rothaid làn de na lusan àrda, tiugha, geala air a bheil “crios Chù Chulainn” no “cneas Chù Chulainn” – ma tha ainm eile air sna Hearadh, chan eil e agam! Tha naidheachd air cùlaibh an ainm a tha seo: O chionn còrr is dà mhìle bliadhna, bha gaisgeach ann an Uladh air an robh Séadanda, ach b’ e Cù Chulainn a bh’ air air sgàth ’s gun do mharbh e cù mòr a bh’ aig a’ ghobhainn, Culann. B’ e Cù Chulainn an laoch as treasa a bh’ air a’ Ghàidhealtachd aig an àm, agus tha sgeulachdan ma dhèidhinn anns an Eilean Sgitheanach, far an do dh’ionnsaich e sabaid. Nuair a bha e air a’ bhlàr, thigeadh mire-chatha air is bha e a’ fàs cho fiadhaich is nach robh dòigh sam bith ann dha sgur ach le bhith ag ionnlad anns an lus a bha sin. ’S mar sin dheth, bha dòrlach den lus daonnan a’ crochadh air a chrios aige, agus thàinig an t-ainm Crios (no Cneas) Chù Chulainn air. Agus gu dearbh, tha feartan leighis aig an lus, is bhathar ga chleachdadh an aghaidh na siataige, agus an aghaidh pèin agus fiabhrais.

 



Tha crios Chù Chulainn air fàs pailt sna Hearadh on a dh’fhalbh na caoraich agus an crodh. Ma tha sibh airson cuidhteas fhaotainn dhiubh air a’ chroit, feumaidh sibh an gearradh agus beothaichean a chur a dh’ionaltradh ann – bidh co-dhiù dà no trì bliadhna a dhìth oirbh airson smachd fhaotainn orra. Agus san eadar-àm, nach toir sibh beagan den lus leibh gun fhios nach tig mire-chatha oirbhse!


The North Harris Trust, Tigh an Urrais, Tarbert, Isle of Harris HS3 3DB


תגובות


bottom of page